top of page
ohheritageforum

Ro-innleachd Ùr Dualchais air a Chur air Bhog

Updated: Feb 28

Tha Comhairle nan Eilean Siar, le com-pàirtichean, air ro-innleachd ùr a chur air bhog an-diugh, “Dualchas do Dhaoine”, a tha a’ mìneachadh nan rùintean àrd-amasach agus nam prìomhachasan aig roinn dualchais Innse Gall thairis air an ath 10 bliadhna, fo sgèith Sgeama an Fhìor-Àite.


Air a mhaoineachadh le Maoin Dualchais a' Chrannchuir, Comhairle nan Eilean Siar agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, tha Buidheann-stiùiridh an Fhìor-àite a’ stiùireadh Pròiseact an Fhìor-àite, le ballrachd air a dhèanamh an àirde le iomadh bhuidheann a bharrachd air na buidhnean maoineachaidh, a’ gabhail a-steach An Lanntair, Turasachd Innse Gall, Taigh Chearsabhagh agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba.


Thuirt Cailean Seòras Moireasdan, Ceannard Sgioba airson Dualchas agus Cultar, “’B e amas a’ phròiseict dòighean-obrach ro-innleachdail a lorg gus taic a chur ri lìbhrigeadh leasachadh eaconomach iomchaidh le prìomhachas do dhualchas, a’ comharrachadh fheumalachdan bun-structair agus prìomhachasan. Gus seo a choileanadh, chaidh com-pàirteachas de bhuidhnean dualchais, cultair agus turasachd a chur air bhonn. Chaidh an ro-innleachd seo a stèidheachadh tro obair a’ chom-pàirteachais sin. Fhuairear beachdan luachmhor bho choimhearsnachdan agus luchd-ùidhe tro ìre leasachaidh a’ phròiseict. Tha prìomhachasan air an comharrachadh agus tha fuasglaidhean thar-roinneil air an cur air adhart sa phlana-gnìomh, a chaidh a dhealbh airson taic a chur ri rùintean agus leasachaidhean na roinn dualchais air feadh nan eilean.”


Thuirt Ken Roddy MacAoidh, Neach-cathrach Comann Dualchas Innse Gall, “Chuir an Comann fàilte air stèidheachadh pròiseact Sgeama an Fhìor-àite, a bha ag amas air cruth-atharrachadh a thoirt air na dòighean a tha buidhnean cultarach agus dualchais ag obair còmhla ri chèile agus le buidhnean eile ann an roinnean eile, gus am bi na h-ealain, cultar agus dualchas a’ cur barrachd ri amasan sòisealta agus eaconomach ionadail.’ Tha an Comann Dualchais a’ cur fàilte air na prìomhachasan a chaidh a chomharrachadh airson Dualchas tro Pròiseact an Fhìor Àite, Dualchas do Dhaoine, agus tha e a’ dèanamh fiughair ri na prìomhachasan a chaidh a chomharrachadh san ro-innleachd a chur an gnìomh.”


Faicibh an ro-innleachd:





Clì gu deas: Cailean Seòras Moireasdan (CnES), Annie NicSuain MBE, Sarah NicLeòid (Outer Hebrides Tourism), Jasmine NicGhumaraid NicChuilcein (Comann Dualchas Innse Gall), Mairi Bochanan (Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean), Ken Roddy MacAoidh (Comann Dualchas Innse Gall).

40 views0 comments

Comments


bottom of page