Tha Comann Dualchas Innse Gall toilichte innse gu bheil iad air Jasmine Montgomery Wilkie a stèidheachadh ann an dreuchd mar an Oifigear Leasachaidh.
Cheumnaich Jasmine bho Oilthigh Naomh Anndrais le Àrd-urram ann an Eòlas Museum & Gaileiridh agus tha i air a bhith ag obair ann an Innse Gall airson nan trì bliadhna a chaidh seachad. Bidh i stèidhichte ann an Oifis 5, Hub Coimhearsnachd Cheann Loch ann am Baile Ailean, Eilean Leòdhais, airson an dà bhliadhna den dreuchd aice.
Is e buidheann, a chaidh a stèidheachadh ann an 2018, a tha a’ ceangal 30 buidheann dualchais a tha stèidhichte air feadh nan Eilean Siar a tha ann an Comann Dualchas Innse Gall. Is e na prìomh amasan a tha aige a bhith ga dhèanamh comasach do bhuidhnean dualchais coimhearsnachd ann an Innse Gall a bhith ag obair gu co-obrachail agus a bhith a’ co-roinn eòlais. On chaidh a stèidheachadh, tha am Fòram air a bhith ag obair gu dlùth le Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Taighean-tasgaidh Gaileiridhean na h-Alba.
San dreuchd ùr Oifigear Leasachaidh a chaidh a stèidheachadh, bidh Jasmine a’ toirt taic do bhuill an Fhòraim a bhith a’ fuasgladh suas na tha comasach don earrann dualchas coimhearsnachd ann an Innse Gall a bhith a’ coileanadh, a’ brosnachadh seasmhachd agus fulangas nam buidhnean sin.
Ann a bhith a’ bruidhinn mu bhith air a stèidheachadh san dreuchd, thuirt Jasmine: “Tha mi air leth toilichte a bhith air mo shuidheachadh ann an dreuchd Oifigear Leasachaidh aig Comann Dualchas Innse Gall. Tha tuigse agus ùidh làidir agus so-dhearbhte agam airson dualchas coimhearsnachd, agus chithear sin nam bheatha phearsanta, acadaimigeach agus nam bheatha obrach, agus tha mi airson mo thuigse teòiridheach agus mo sgilean practaigeach a chur an cèill san dreuchd seo. Tha dualchas làimhseachail agus neo-làimhseachail cho beairteach againn sna h-Eileanan an Iar agus iomadh sàr eisimpleir de bhuidhnean a tha a’ sìor obrachadh gus a bhith ga chumail suas agus ga ghlèidheadh. Tha an dreuchd seo a’ tabhann deagh chothrom a bhith a’ meudachadh agus a’ comharrachadh obair nam buidhnean sin bho Bharraigh gu Rubha Robhanais, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na buill againn gus leudachadh amasan agus rùintean inntinneach an Fhòraim.”
Thuirt i cuideachd: “Cumaibh sùil a-mach airson ar làthaireachd ann an riochd didseatach. Chan fhada gus am bi an làrach-lìn ùr-dheasaichte againn agus ar seanailean air na meadhanan sòisealta beò, agus bidh iad sin mar aon de na dòighean as èifeachdaich air cumail suas ri obair an Fhòraim agus a bhuill.”
Thuirt Ken Rodaidh MacAoidh, Cathraiche Comann Dualchas Innse Gall: “Tha an suidheachadh seo a’ comharrachadh ceum mòr air adhart do earrann an Dualchais ann an Innse Gall agus tha sinn taingeil do CNES airson taic a thoirt dhan iomairt seo. Tha e air a bhith na amas fad-ùine Oifigear Leasachaidh a chur ann an dreuchd agus bidh e na eileamaid riatanach ann a bhith a’ lìbhrigeadh amasan agus rùintean an Fhòraim. Tha sinn fortanach gun d’ fhuair sinn Jasmine airson na dreuchd seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla rithe gus a bhith a’ lìbhrigeadh amasan agus prìomh eileamaidean Ro-innleachd an Fhìor Àite.”
Tha Comann Dualchas Innse Gall ag amas air a bhith a’ leudachadh a bhallrachd agus tha e a’ toirt cuireadh do bhuidhnean dualchais coimhearsnachd a tha ag obair sna h-Eileanan an Iar ballrachd fhaighinn. Tha ballrachd a’ cosg £25 sa bhliadhna agus tha mòran shochairean na chois. Ma tha sibh airson bruidhinn mu bhallrachd no ma tha ceist sam bith eile agaibh, cuiribh fios gu Jasmine air: jasmine@ohheritageforum.com no 07944353404.
Comments